(navigation image)
Home American Libraries | Canadian Libraries | Universal Library | Community Texts | Project Gutenberg | Biodiversity Heritage Library | Children's Library | Additional Collections
Search: Advanced Search
Anonymous User (login or join us)
Upload
See other formats

Full text of "Creid agus tearnar thu"

Digitized by the Internet Archive 
in 2014 



http://archive.org/details/creidagustearnar1864sinc 



t 



4» 



CEEID 
AGUS TEAMÀR THU. 



EAD : LE 

AILEAN SINCLAIR, A.M., 

MINISTEAR AN T-SOISGEUL SA CHEANNMHOR, 



THE RELIGIOUS TRACT SOCIETY, 

INSTITUTED 1799. 
PATERNOSTER ROW ; 65ST. PAUL's CHURCHYARI) 
AND 164 PICCADILLY. 



•» 



W. M. WATTS, CROWN COURT, TEMPLE BAR. 



CEEID AGUS TEARNAR THU. 



Ciod is coir dhomh a dheanamh chum gu tearnar 
mi ? Agus thubhairt iadsan, Creid anns an Tighearna 
Iosa Criosd, agus tearnar thu fein agus do thigh. 
Gniomh. xvi. 30, 31. 



Uime sin, is e creideamli anns an Tighearn 
Iosa Criosdj an doigh gu bhi air do thearnadh 
'o pheacadh agus' o ifrinn. Ach ciod e a bhi 
creidsinn tha thu feòrach ? Gabh mata an 
samhla-sa a leanas, chum sòlus a chuir dhuit air 
sò. Chunnaic mi orsa ughdair 'mhuinntir 
America^ oganach àraidh air mullach tìghe 3 fàr 
an robh aireamh dhaoine ri obair eigin 3 agus 
am feadh a bha e 'g amharc mu thimchioll, gu 
h-obann shleamhnaich a chos, agus air ball 
thuit e sios. Thachair 3 air dha bhi mar so 



6 



'tuiteam, gun d-fhuair e greim air cord, trid 
an robh e air a chrochadh eadar neamh agus 
talamh, ach air shèol 's nach b-urrainn e dhòl 
sios, na suas, no eadhon fantuinn fada mar 
bha e. Bha mar an ceudna deagh fhios aig 
air a chunnart, agus 'an uine ro bheag gùn 
tuitèadh e sios, agus gùin biodh e air a bhri- 
seadh na bhlòighdean. 

Ag an àm eagalach-sa, ruith duine foghain- 
teach coimhneil a mach a thigh, agus air seas- 
amh dha fodha, le ghairdeana sinte mach, 
ghlaodh e " leig cead do d' ghreim agus gla- 
caidh mis thu. Tha mi làn chomasach ; leig 
thusa cead do d'ghreim, agus geallaidh mise, 
nach h' eagal, — 's nach èirich cron air bith 
dhuit." 

Air dha so a chluinntinn, smuainich an 
t-oganach car tiota; an sin leig e cead 
dha fein, agus thuit e gu làn tearuinte an 
gairdeana an duine. An so orsa mise tha 
solus agam air ciod e creideamh an losa 
Criosd. Tha fior chleachdadh creideamh an 
so. Bha mothachadh aig an oganach-sa air 



7 



a chunnart ; chunnaic e f hear tearnaidh agus 
chual e a ghuth, chreid e a bhriathran, dh'earb 
e as, agus air dha cead a leagadh do na 
h~uile greim eile, thilg se e fein ann 'a ghair- 
deana agùs thearnadh e — ts Shaoradh trid 
creideamh e." 

A leughadair is peacach an aghaidh Dhe 
thu ; " oir pheacaich na h-uile agus tha iad 
air teachd gearr air gloir Dhe," Rom. iii. 
23. Agus mar pheacach tha thu buailteach 
do phiantan an dara bàis, oir 'tha e sgriobhta, 
" is malluichte gach neach nach buanaich anns 
na h-uile nithibh, a ta sgriobhta ann an leabhar 
an lagha chum an deanamh." Gal. iii. 10. Is 
uamhasach an staid, agus is eagalach an 
cunnart so ; agus gidheadh, o 'm bheil e eu- 
comasach dhuit thu fein a shaoradh. t( Ach 
ghradhaich Dia an saoghal mar so, gun d-thug 
e'aon ghin Mhic fein, chum is ge be neach a 
chreideas ànn, nach sgriosar e ach gum bi 
a bheatha shiorruidh aige." Eoin iii. 16. 
Uime sin ge d' tha do pheacana cho lionmhor 
ri fuilteine do chinn, cha ruig thu 'leas bhi 



8 



cailte gu siorruidh, tha slàinte ri bhi air a 
faotainn, oir glanaiclh fuil Iosa Criosd a Mhic 
sinn 'o gach uile pheacadh. Uime sin do 
bhrigh gun do bhàsaich Criosd airson phea- 
cach, cha bhi thusa 'tha cluinntinrì an t-sois- 
geul, cailte amhain a chionn gun do phea- 
caich thu, ach a chionn nach eil thu crèid- 
sinn anns an Tighearna Iosa Criosd. Is ann 
tre mhi-chreideamh a theid thu gu sgrios 
siorruidh, direach mar is ann tre chreideamh 
a mhealas tu slainte shiorruidh. fC Is fior an 
radh so agus is airidh e air gach aon chor gab- 
hail risj gun d-thainig Iosa Criosd do'n t-sao- 
ghal a thearnadh pheacach." 1 Tim. i. 15. 
Uime sin ma tha e na cheisd ort ciod as coir 
dhuit a dheanamh chum gu 'n tearnar thu, thoir 
fainear ciod a ta an t-abstol ag radh, " Creid 
anns an Tighearna Iosa 5 agus tearnar thu." 
Gniomh xvi. 31. Na abair " ciod a tha mi 
gu dheanamh," fo 'n bheachd gu 'bheil thu 
air sheol-eigin gu bhi air do thearnadh le 
d-f hein dheanadas ; oir is mearachd so gu 
h-iomlan. Na 'm b-urrainn thu bhi mar so 



9 



air do thearnadli ciod uime 'n do bhasaich 
Criosd ? Oir ciod a thubhairt Peadar ris na 
h-Iudhaich, goirid an deigh do Chriosd 'bhi 
air a cheusadh leo ; " cha 'n eil slainte ors' 
esan, ann an neach air bith eile, oir cha 'n 
eil ainm air bith eile fo neamh air a thoirt 
am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhi 
air ar tearnadh." Gniomh. iv. 12. Suidhich 
uime sin suil t-anama, amhain airsan anns a' 
bheil an t-slainte, agus ag an àm cheudna air 
focal na h-aithne-sa. " Creid anns an Tigh- 
earna Iosa Criosd." Tha an aon doigh anns 
'a bheil slainte ri bhi air a faotuinn, air a 
filleadh suas anns an aon f hocal bheag choit- 
chionn chudthromach-sa, u creid " — (i creid 
anns an Tigheama Iosa." Gheibh thu so a 
rìs 5 agus a rìs, anns an Tiomnadh-nuadh, mar a 
ta e sgriobhte — "do 'n an ti nach dean obair 
ach a ta creidsinn, anns an ti a dh' f hireanai- 
cheas an duine mi-dhiadhaidh measar a chrei- 
deamh mar fhireanteachd." Komh. iv. 5. 
" Do 'n ti nach dean obaìr " — thoir fanear na 
briatharan-sa ; agus a ris, " is ann le gras a ta 



10 



sibh air bhur tearnadh tre chreideamh." Eph. 
ii. 8. e< Uime sin is ann o chreideamh a ta an 
oighreachd ionnus gu'm biodh i tre ghràs." 
Rom. iv. 16 ; agus a nochdadh dhuit, ag an 
am chendna, gu bheil a bhi creidsinn^ agus 
creideamh a bhi agad, a ciallachadh ah 
aon ni. 

Ciod mata, tha thu feorach, a ta am peacach 
gu bhi creidsinn, chum 's gùn tearnar e ? Is 
e 'ar freagradh do so, gu 'bheil e gu bhi 
creidsinn anns an Tighearn Iosa Criosd. 
Thainig Iosa Criosd do 'n t-saoghal a thear- 
nadh pheacach, agus co air bi a ta do riridh 
a tuigsinn agus 'creidsinn so 7 gu cinnteach 
tearnar e. Uime sin tha thu gu bhi creidsinn, 
gun do chuir Dia 'o fhior ghean maith fein ?> 
aon ghin Mhic do 'n t-saoghal chiontach 
chailte-sa, gu bhi na iobairt airson peacaidh, 
agus trid a bhi 'g earbsa annsan a mhain, 
gu 'm bi thu air do thearnadh. Ach tha thu 
nis 'g radh, tha mi faicinn agus dearbhte gu 
'bheilmo shlainte uile tre ghràs, trid creideamh, 
mar a thubhairt thu, ach gidheadh^ tha mi 



11 



'n deighe so, fathast beagan an iomcheist a 
tliaobh nadur a chreideamh fein — cionnus a 
ta mi gu bhi creidsinn, agus ciod e sin a bhi 
creidsinn ; oir cha 'n f hiosrach dhomsa gun 
do chuir mi riamh an teagamh firinn an 
t-soisgeil — sin ri radh, cha dubhairt thu nacli 
robh thu creidsinn, agus cha d-aidich thu 
gu follaiseach thu bhi na d' ana-criosduidh. 
Ach cuimhnich, tha aireamh mhòr ann a tha 
gun fhior chreideamh slainteil, nach abair gur 
ana-criosduidhean iad. Ach cionnus mata, tha 
thu feoraich, 'tha mi gu bhi creidsinn chum 
Slainte ? Freagram do cheisd, leis an t-samhla- 
sa. Tha fhios agad ciod e creideas 'thoirt do 
dh-fhocal do cho-chreutair a gheall buannachd 
eigin a bhuileachadh ort ; abair gu 'm beil 
muinghin agad na fhocal, agus làn duil gun 
deonaich e sin a thubhairt e. Oh mata " sibhse 
uile a ta ri saothair agus fuidh throm uallaich 
thigibh/' cuiribh Criosd an àit an ti ud mar 
bhunait doehais; earbaidh as na aonar, agus 
le bhi deanamh sin, tha sibh do rìridh clea- 
chdadh creideamh anns an Tio-hearn Iosa 
Criosd. 



12 



A ris, ma tha thu an deighe so uile, an 
iomcheist, thaobh nadur an fhior chread- 
amh, smuainich fathast air an* naigheachd 
bheag a dh-innseadh dhuit ag toiseach an 
leabhran-sa. Smuainich air suidheachadh an 
oganaich-ud. Smuainich air a chunnart, agus 
an sùd faic do chunnart fein. Smuainich 
air a neo-chomas agus eu-dochas ; cha b-ur- 
rainn e ni air bith 'dheanamh air a shon 
fein. Cha b-urrainn e dhe fein 'dhol air ais, 
suas dh-ionnsuidh 'n ionad 'o 'n do thuit e, 
na dhol sios gu tearuinte dh-ionnsuidh na 
talmhuinn ; agus mar d-thig aon-eigin s' 
urrainn a thearnadh, gu cinnteach caillear e. 
So agad samhla air do staid, agus do shtti- 
dheachadh fein mar pheacach. Cha 'n ur- 
rainn thu dhòl suas air t-ais gu staid neo- 
chiontais o 'n do thuit thu; oir cha 'n 
urrainn thti reite 'dheanamh airson do phea- 
caidh. On uair-sa mach 3 ge do ghluaiseadh 
tu cho neo-lochdach ri aingil cha dheanadh so 
dioladh thoirt do cheartas airson nam pea- i 
canna a chuir thu cheana 'n gniomh ; cha I 
n' urrainn umhlachd a bheir thu a so suas, 



13 



reite dheanamh airson nan lochdan a chuir 
thu cheana 'n gniomh, ni 's mo na 's urrainn 
an t-airgead a bheir thu air son an ni a che- 
annaicheas tu an deighe so, na fìachan fo' 'm 
bheil thu cheana, 'phaigheadh. Cha 'n urrainn 
duit uime sin, dol air t-ais do 'n staid 'o 'n do 
thuit thu, 's mar pheacach cha 'n eil romhad 
ach 'dhol sios, agus sin gu obann, do 'n loch tha 
dearg lasadh le teine agus pronnusc ni is e an 
cìara bàs. Tasb. xxi. 8. Smuainich a ris, 
mata, air an doigh anns an robh an t-oganach- 
ud air a thearnadh o chunnart, cha 'n ann 
leis fein ach trid neach eile. Mar sin feumaidh 
tusa, mar an ceudna bhi air do thearnadh 
cha 'n ann leat fein, ach gu h-iomlan trid 
neach eile — eadhon trid Cbriosd. Faic mar an 
cendna mar a ta sòlus an so, air an doigh anns 
'bheil thu air do thearnadh trid crei- 
deamh air an Tighearn Iosa — agus air cleach- 
dadh an fhior chreicleamh. Cluinn an duine- 
sa 'a radh ris an oganach, (£ leig thu fein sios 
am ghairdeana-sa, is e do bheatha agus tha 
mi lan chomasach air do luchd a ghiùlan. Bha 



14 



an t-oganach car tamuil an teagamh ciod a 
dheanadh e, ach fadheoidh leig e cead do 
ghreim, thuit e sios an gairdeana an duine, 
agus bha e tearuinte — sin ri radh, chreid 
e focal an f hir a thairg 'a thearnadh, agus do 
bhrigh sin, leig e cead do 'n ni ris an robh e 
roimhe-sud a greimeachadh ; dh-earb se e fein 
gu h-iomlan ris an duine, agus shaoradh e. 
Mar so tha Iosa Criosd ag radh riutsa anns an 
t-soisgeil a " bhasaich mise airson nam peacach, 
leig thusa cead do gach greim dochais eile, 
— leag cead d'a chòrd t-f hein-f hirinteachd ; 
earb annamsa a mhain, agus ni migu cinnteach 
do thearnadh." 

A ris chum an ni a dheanamh ni 's soilleire 
dhuit, thoir fainear beagan ni 's faide ciod e sin 
a chreid an t-oganach-sa mu thimchioll-sa, a 
thairg furtachd a dheanamh air. 

1. Air tùs, chreid e gu cinnteach ann 'a 
chomas gu furtachd adheanamh air, mar thub- 
hairt e. Chunnaic e gum bu duine, agus nach 
bu leanabh e ; oir na 'm bu ghiulan cosmhuil ris 
fein a thairg seasamh fodha, agus a thubhairt 



15 



risj leag thu fein sios am ghairdeana-sa, 's e 
theireadh e, teich uam. tha thu tuilleadh 's 
anfhann agas ma thuiteas mi ort pronnaidh 
mi thu; air clml gu 'm bi mi fein air mu 
bhriseadh. Uime sin 3 tha thusa gu bhi creid- 
sinn, gu 'bheii Criosd cumhachdach gu tearn- 
adh. Isa lxii. 1 . oir is e so an teisteas a ta 
againn mu thimchioll " gu 'bheil e comasacli 
air an dream a thig a dh-ionnsuidh Dhe tridsan 
a thearnadh gu h-iomlan." Eabh. vii. 25. 
Tha e na Dhiaagus na dhuine, an aon phearsa — 
diomhair, gloirmhoir. Chuireadh leis an Athair 
e chum 'ar cuis a ghabhail air ; rinn e na h- 
uile ni a ta feumail airson slainte chosnadh le 'ar 
peacanna a ghiùlan na chorp fein air a chrann, 
agus làn dioladh a thoirt as an leith, agus marsin 
rinn e flrinnteachd shiorruidh a thoirt a steach, 
trid an urrainn Dia mar Dhia ceart, a bhi ga 
'r fìreanachadh. Romh iii. 21. Uime sin 
tha sinn gu bhi creidsin, gu' bheil Criosd lan 
chomasach gu tearnadh. 

2. A ris chreid an t-oganach gun robh an 
duine cha 'n e mhain làn chomasach, ach làn 



16 



thoileach air a thearnadh. Chunnaic e na sheas- 
amh e le ghairdeana sinte mach, chual e 'mhis- 
neach athugadh dha gu earbsa 'chuir ann 3 bha 
e dearbhta nach ann a magadh air, no ga mheall- 
adh a bha e gu cron a dheanamh air 5 agus uime 
sin thug e creideas dha a thaobh a thoile, co 
mhaith agus a thaobh a chomais, chum iochd a 
dheanamh air. Ceart mar so tha am peacach 
gu bhi creidsinn am firinn, agus an trocair 
Chriosd ; gu 'bheil esan mar an cendna lan deo- 
nach air a shaoradh, do bhrigh gu 'bheil 
f hocal beannuichte fein againn mar dhearbhadh 
air so. Ors' esan (( Thigibh do m' ionnsuidh- 
sa sibhse uile a ta ri saothair agus fuidh throm 
uallaicl^ agus bheir mise suaimhneas dhuibh. 
Matt. xi. 28 ; " agus an ti a thig a m' ionn- 
suidh, cha tilg mi air chor sam bith a mach e." 
Eoin vi. 37. Uime sin, tha 'bhi creidsinn 
ann, a ciallachadh a bhi tighinn mar so da 
ionnsuidh^ agus a bhi dearbhte]nach urrainn e, 
agus nach cuir e chaoidh cul ri aon pheacach 
a thig, agus mar so a dh-earbas as. 

3. A ris 5 bha creideamh an oganaich a filleadh 



17 



ann mar an ceudna, gu 'n robh a chobhair a 
bha an duine tairgse, air a tairgse dhasan. 
Cha robh aon eile ag an àm ach e fein amhain, 
do 'm b-urrainn an tairgse (i leig cead do d' 
ghreim agus glacaidh mis'thu/' abhi air a tab- 
hairt. Mar sin tha fìor chreideamh fìlleadh 
ann, thu bhi creidsinn, gu 'bheil tairgse nan 
gràs dhuit-sa, mar nach biodh peacach eile air 
cruthachadh Dhè ach thu fein na t-aonar. 
Bhasaich Criosd airson pheacach, uime sin 
tha a bhas air do shonsa ; tha e gu saor a' 
cuireadh pheacach da-ionnsuidh uime sin tha 
e ga d' chuireadh-sa ; cha tilg e mach aon air 
bith a thig ; uime sin cha tilg e mach thusa. 
Tha e fior nach d-ainmich e air t-ainm thu 3 ach 
ni mo dhiult e air t-ainm tlm 3 agus mar sin ge 
do bhiodh aingeal 'o neamh air a chuir a dh- 
innseadh dhuit gu 'm faod thu bhi a do 
thearnadh, cha deanadh so ni bu chintiche no 
tha i cheana, an f hirinn bheannuichte, gu 'm 
faod thu air ball bhi air do thearnadh trid 
creideamh anns an Tighearn Iosa Criosd. 
4. Bha creideamh an oganaich a fìlleadh 



18 



so ann mar an ceudna, gu 'n robh an duine-ud 
deonach a shaoradh cha 'n ann leith-uair, no 
latha 'n deigh 'n àma^ ach air ball, Eadhon aig 
a cheart àm air 'n do thairg e cobhair a dhe- 
anamh air. Tha so mar an ceudna air f hille- 
adh ann a bhi creidsinn ann an Iosa Criosd. 
Tha obair na slainte a cheana air a criochnach- 
adh,, agus an reite do rireadh air a deanamh, 
agus uime sin, tha Dia cho deonach ag an àm 
a ta nis ànn, air peacach a thearnadh 's a 
bhitheas no 's urrainn e bhi 'n deighe so. Oir 
thoir fainear, mar chinnte air so,, nach i idir an 
fhianuis a ta againn mù Chriosd anns an t- 
soisgeul, gu 'm bi e deonach agus comasach 
peacaich a thearnadh ag àm eigin an deighe 
so, ach gu 'bheil e deonach a nis eadhon ag 
an àm a ta NIS ANN. Uime sin, an ti nach eil 
a creidsinn na firinn phriseil-sa, tha an neach 
sin gun chreideamh, oir is e so teisteas Dhe 
mu thimchioll Chriosd. 

Faic a nis a leughadair ciod e fior chreide- 
amh, eadhon dearbh-chinnt 'bhi agad gu 'bheil 
Criosd deonach agus comasach air do shaoradh 



19 



a nis, do bhrigli gu 'bheil e sgriobhte san t- 
soisgeul ; agus a reir sin, thu bhi gabhail ris, 
agus ag earbs a s. Cia cho simplidh tha thu 'g 
radh! Seadh cho simplidh so, tha slighe na 
slainte, agus is i so do rireadh an t-slighe. Esan 
ag a 'bheil an creideamh-sa, tha e air f liirean- 
achadh, agus tha sith aige ri Dia. Uime sin 
tha am peacach, air dha creidsinn, an tearuin- 
teachd mar bha Noah^ 'n uair a chaidh e steach 
do 'n airc. 

Thoir fainear a nis na toraidhean a ta lean- 
tuinn a chreideamh. Cho luath 's a chunnaic 
an t-oganach an duine-ud a tighinn gu thea- 
rnadh sa chual e a thairgse, agus a chreid e 
f hocal bha aoibhneas air. Thaitinn na h-uile 
focal ris. Seadh am b-urrainn e 'a chluinntinn 
a' radh " tearnaidh mise thu, tha mi lan cho- 
masach," gun ghairdeachas a dheanamh ; cha 
b-urrainn. Uime sin thug a chreideamh 
comhfhurtachd thuige; mar a gheibh na h-uile 
peacach mar an ceudna co-fhurtachd, a chrei- 
deas anns an Tighearna Iosa Criosd. Oir cha 
? n urrainn e bhi, ma tha thu do rireadh a creid- 



20 



sinn an t-soisgeil, nach eil tomhas saorsa agad 
'o t-iomcheist, agus 'o t-eagal. Air bàll 'n 
uair a chreid fear coimhead a phriosain, rinn e 
gairdeachas maille ri thigh. Gniom. xvi. 34. 
Ghabh iadsan a dh-iompaicheadh air latha na 
cuingeis, ris an fhocal gu subhach. Gniomh. 
ii. 41. <( Ged nach 'eil sibh a nis 'ga fhaicinn," 
orsa Peadar, u air dhuibh bhi creidsinn ann, 
tha sibh a deanamh mor ghairdeachais le h- 
aoibhneas a dol thair labhairt agus làn do 
ghloir." 2 Phead. i. 8. Cha 'n urrainn sinn 
deagh sgeul 'chreidsinn mu 'r timchioll fein 
gun a bhi air 'ar deanamh subhach leis. A rìs, 
nach robh an t-oganach-ud, taingeil do fhear- 
saoraidh ? Agus mar sin nach eil gach pea- 
cach taingeil do Shlanuighear-sa anns a' bheil 
esan a creidsinn ? Agus nach robh gradh 
mar an cendna air a dhusgadh ann an cridhe 
an oganaich-ud. Ma bha e roimhe sud an 
naimhdeas ris an duine, nach rachadh a 
naimhdeas air cùl agus nach gradhaicheadh e 
'nis e. Is i a chainnt a nis ciod is urrainn mi 
dheanamh chum a thoileachadh — chum co- 



21 



main a chuir air — clium mo thaingealachd a 
thaisbeanadh dha airson a leithid do shaorsa." 
Mar an ceudna, oibrichidh creideamh annadsa 
tre ghradh, ma tha creideamh agad. Ni an 
Spiorad Naomh deonach agus comasachthu, 
air uile thoraidhean a chreideamh a ghìulan. Air 
dhuit a bhi creidsinn an gradh Dhe dhuit fein, 
agus a bhi air t-eigneachadh le a ghras, 
tha thu 'n lorg so 'g a ghradhachadh-sa. A 
ris, bheir gaol thu gu umhlachd a thabhairt 
dha — umhlachd thoileach, thaitneach agus 
ghradhach — cha n-ann o eagal trailleil, na o 
fhein-fhireantachd, mar gum b-urrainn thu 
neamh a chosnadh le do dheadh-dheanadas. 
Uime sin bithidh tu nochdadh do chreideamh le 
t-oibre, agus a meas nach urrainn thu' àm feasd, 
gu leor a dheanamh, air a Shonsan a bhasaich 
air do shon. 

Mar so atharraichidh creideamh do bhea- 
chan, t-fhaireachadh, t-iarrtasan agus do chai- 
theamh-beatha. Fosglaidh e dorus t-anama do 
dh-f hior naomhachd ; oir air dhuit a bhi ann 
an Criosd " chaidh na seann nithe seach 



feuch rinneadh na h-uile nithe nuadh." 2 Cor. 
v. 17. Trid creideamh, hithidh do chridhe 
air a ghlanadh. Gniomh xv. 9. Trid creid- 
eamh bheir thu buaidh air an t-saoghal. 
1 Eoin. v. 4. Tre chreideamh, tha thu gluasad, 
agus tre chreideamh tha thu beo. Ach air an 
laimh eile, as eugmhais creideamh ann an 
Criosd, cha 'n urrainn thu ni maith air bith a 
dheanamh. Feudaidh gun leugh thu na sgri- 
obtuirean,, gun eisd thu teagasgan, gun cuir thu 
suas iomadh urnuigh agus gun treig thu mo- 
ran do d' sheann chleachdaidhean ; ach gus an 
creid thu ann an Iosa Criosd, cha 'n oibre 
maith iad so a reir breith an Tighearna; oir 
tha e air innseadh dhuinn, as eugmhais crei- 
deamh nach urrainn dhuinn Dia a thoileach- 
adh. Eabh. xi. 6. Air dhuit an soisgeul a 
chluinntinm is e do cheud dhleasdanas a bhi ga 
chreidsinn, agus am feadh a ta thu diultadh 
so a dheanamhj ge be ciod iad do dhearbhaid- 
hean, t-fhaireachduinn, do ruintean, no d-urnui- 
ghean, tha thu fathast ann do pheachaidheaiij 
agus na do luidhe fo 'n diteadh. 



23 



A leughadair tha thu air clo ghairm gu blii 
creidsinn agus gu bhi beo. A' bheil thu 
fhathast a stad air t-ais ? Carson ? Ciod a 
ta agad an aghaidh na cuise? Tha thu 'g 
radh. 

1. Ged nach 'eil mi creidsinn a nis, tha dò- 
chas agam gun creid mi uaireigin. Ach thoir 
fainear gu 'bheil thu air do ghairm gu bhi 
creidsinn air ball, oir a ta e sgriobhte, " feuch a 
nis an t-àm taitneach ; feuch a nis latha na 
slainte," 2 Cor. vi. 2. Nach eil obair na 
saorsa a cheana air a criochnachadh, nach eil 
Criosd deonach agus comasach a nis air do 
thearnadh, agus afeitheamh gu do thearnadh. 
Uime sin tha thu a toirt maslaidh dha, le bhi 
'g raclh. (< Cha chreid mi a nis, ach creididh 
mi uaireigin an deighe so. 

2. Ach tha thu freagradh a rìs, cha 'n 
urrainn mi creidsinn mar faigh mi an Spiorad. 
Ro fhior, ach thoir fainear, tha an Spiorad 
Naomh air a ghealltuinn dhoibh-san a dh-iarras 
e. Creid thusa an earbsa ri gras an Spioraid, 
creid gealladh Chriosd,— agus mar an ceudna, 



24 



gealladh an Spioraid, chum do dheanamh com- 
asach 'bhi mar so a' creidsinn. 

3. Tha thu g-radh, nach eigin dhomh air 
tus aithreachas a ghabhail, agus an sin crcid- 
sinn ? Tha e fìor gur coir dhuit aithreachas a 
ghabhail, ach cha 'n urrainn do f hior aithrea- 
chas a bhi ann 3 dealaichte 'o chreideamh. Tha 
an dithis dlu-cheangailte ri cheile ; tha fior 
aithreachas a leantuinn an lorg creideamh ; 
mar sin cha 'n eil e na leisgeul a bhi dearmad 
aon diu gu 'bheil thu a dearmad an aon eile. 

4. Tha mi 'g oidhirpeachadh a bhi ereicl- 
sinn tha thu 'g radh, ach cha 'n urrainn dhomh. 
Gidheadh tha thu creiclsinn do cho-chreutair a 
dh-fhaodas do mhealladh, agus cha chreid 
thu Dia a ta fior, agus nach h-urrainn breug 
a dheanamh. Chum mata 's gun creid thu an 
soisgeul thoir fainear " gur airidh e air gach 
aon chor gabhail ris." 

5. Ach tha thu 'g radh tha eagal orm nach 
eil agam fathast gu leor do mhothachacìh 
air peacadh. Ts e 'freagradh clo so^ gu 'bheil 
an soisgeul a nochdadh gu soilleir gur peacach 



25 



thu ; uime sin, is e 'n doigh gu bhi ga mho- 
thachadh, thu bhi ga chreidsinn. Cha 'n 
urrainn thu gun a mhothachadh ma ni thu do 
rireadh a chreidsinn ; is e an doigh gu bhi mo- 
thachadh gur peacach thu, thu bhi creidsinn 
gur peacach thu — tha creideamh a gintinn 
mothachaidh. Uime sin an aite thu bhi ag 
radh cionnus a chreideas mi mar mothaich mi, 
is e bu choir dhuit a radh, cionnus a mhothai- 
cheas mi mar creid mi. 

6. Àch a nis tha thu àg radh, na 'm biodh 
an tuilleadh faireachaidh agam, bhiodh an 
tuilleadh misnich agus barantais agam, 'bhi 
creidsinn. Is ro pheacach an smuain so. Nach 
eil gealladh Dhe na bharantas gu leoir gu bhi 
creidsinn as eugmhais do mhothachaidh-sa. 
Nach eil creideas gu bhi air a thoirt do Dhia, 
mur eil mothaichean araidh an cleachadh 
annadsa. Seadh ge 'd bhiodh mile uair ni 's 
mo do mhothachadh agad, cha be do mlio- 
thachadh-sa ach cuireadh, agus gealladh 
Chriosd, do bharantas gu bhi creidsinn. 

7. Ach tha mo pheacaidh mòr, lionmhor 3 



26 



agus mi ga 'n cuir an gniomh rè uine f hada ! 
Seadh ach tha fùil Chriosd a' glanadh o na 
h-uile peacadh. Agus tha e na pheacadh cho 
mor, do n' pheacach is mo air thalamh, nach 
creid e gu bheil Criosd comasach agus deo- 
nach air esan a shaoradh, agus a tha e do 
neach air bith eile, nach eil a creidsinn so. 

8. Ach an eigin dhomh tighinn mar a ta 
mi ? Nach coir dhomh fantuinn, gus am faigh 
mi an tuilleadh ullachaidh ? Cha choir Tha 
thu gu bhi teachd mar a ta thu. Cuimhnich 
is ann mar pheacach, 's cha 'n ann mar f hir- 
ean, tha thu gu teachd. Thainig Iosa Criosd, 
cha 'n ann a ghairm na 'firean ach nam pea- 
cach chum aithreachais. Mat. ix. 13 Smuain- 
ich, cionnus is urrainn do mhi-chreideamh 
t-ullachadh ? chum a blii creidsinn. Cha 'n eil 
thu ach a' cuir an gniomh peacaidh am feadh 
a ta thu an staid neo-iompaichte, agus an dean 
so t-ullachadh airson Chriosd ? Na 'm b-urr- 
ainn thusa, thu fein a dheanamh iomchuidh 
airson Chriosd, carson a bhasaich e idir ? Tha 
sinn air 'ur saoradh gu h-iomlan, cha 'n ann 



27 



trid 'ar n airidheachd fein, ach trid airidheachd 
Chriosd. Agus uime sin thathusa, cha 'n ann 
gu thu fein a dheanamh airidh, ach gu dhol 
da-ionnsuidh-sa trid creideamh, 'chum 's gu 
'm bi thu air do dheanamh airidh annsan. 

9. Ach, nach eil e duilich aontachadh ris, gu 
'm faigh sinn maitheanas agus saorsa trid ni 
cho simplidh ri creideamh? Ma 's e so do 
bheachd, tha e 'nochdadh nach eil thu fathast 
a' tuigsinn slighe na slainte. Tha thu, thoir 
fainear, air do shaoradh' cha 'n ann air sgath 
do chreideamh, ach trid creideamh. Sinri radh 
cha 'n e gniomh a chreideamh a tha idir a 
toilltinn gu 'm bitheadh tu air do thearnadh, ach 
fuil agus fireantachd an Tighearn Iosa Criosd. 
Cha 'n eil ni 's mo do dheagh thoillteanas na 
do chreideamh gu do thearnadh na tha an 
gniomh air bith eile a nithear leat. Is e na 
h-uile a ta creideamh a deanamh, a bhi gabhail 
ris an teisteas, gu 'bheil Iosa Criosd deonach 
agus comasach air do shaoradh. Uime sin, 
cum do shuil air Criosd mar a ta e air fhoillse- 
achadh san t-soisgeul, agus cha 'n ann air do 



28 



chreideamh. Seadh is e an creideamh fein, an 
t-suil trid an amhairc thu air. 

10. Ag àmana tha thu do n' bheachd gu 
'bheil thu creidsinn, do bhrigh gu 'bheil thu 
faicinn annad fein comharraidhean a chrei- 
deamh; ach an deigh sin tha thu gu mor 
fo' dhiobhail misnich air dhoibh dol as 
an t-sealladh, no cinntinn cho chrion, 's 
gur gann's urrainn thu 'faicinn idir. Is e 'ar 
freagradh, ma tha thu ann an leithid so do 
dh-imcheist co dhiu a chreid 3 no, nach do 
chreid thu, buinidh e dhuit rannsachadh gu 
mion 3 air eagal nach ann ri Iosa Criosd, ach 
riut fein a ta thu 'g amharc. Na 'm biodh tu 
dol do phriosan airson fhiach, agus a chum do 
chumail as 3 gun gealladh coimhearsnach am 
paigheadh air do shon, nach b-urrainn dhuit 
innseadh co dhiu bha, na nach robh thu, ga 
chreidsinn ? Tha iomadh ag iarraidh comhar- 
raidhean creideamh, mu 'm beil creideamh aca ; 
agus ag amharc riu fein air son sin a ta iad 
gu bhi creidsinn, an ait' bhi 'g amharc ri Criosd. 
Uime sin air dhoibh ni eigin fhaotainn a tha 



29 



iad a meas mar dheagh chomharradh, tha iad 
air an lionadh le gairdeachas. Ach air clo 
so dol as an t-sealladh, tha iad air bàll air an 
lionadh le trioblaid, agus mòr iomcheist. Mar 
so a tha an inntinn air a tionndaidh 'o Chriosd 
do 'n ionnsuidh fein, agus an ait a bhi creidsinn 
an t-soisgeul, 's ann a ta iad 'creidsinn, no 'g 
oidhirpeachadh a bhi creidsinn 'nan cre- 
ideamh fein — sin ri radh, a toirt an ait a 
blmineas do Chriosd,do sin a ta iad faotainn na 
'n inntinnean fein. 

11. A ris, their neach eile, " tha mi 'g ur- 
nuigh, gnathachadh mheadhonan, agus mar so 
a feitheamh gu bhi creidsinn." Ach thoir 
f ainear cha 'n eil thu gu bhi feitheamh ; dh- 
fheith thu tuilleadh 's fad' a cheana agus cha 'n 
i'leithid so dodh'f heitheamh idir a bhi creidsinn. 
Thoir fainear so gu durachdach, do bhrigh 
gu 'bheil iomadh do 'n bheachd, gu 'bheil 
gne dheagh-thoillteanas ann a bhi feitheamh. 
A ris, a thaobh 'bhi gnathachadh mheadhonan, 
'bhi leughadh a Bhiobuill, agus 'bhi g-eisdeachd 
shearmonan 's ann a chum 's gu 'n creideadh 



30 



tu, agus sin air ball, agus cha n' ann mar leis- 
geul do d' mlii chreideamli tha iad so air 'm 
builleachadh ort. Ciod mata, urrad do leughadh 
is eisdeachd, 's tha thu 'm beachd, a dh' fheumas 
tu fathast chum 's gun creid thu, gu 'bheil Dia 
fior, agus nach urrainn e breug a dheanamh ? 
Cha 'n eil sinn 'g radh nach bu choir dhuit 
meadhonan nan gras a ghnathachadh — ach 's 
ann trid creideamh. Creid, agus an sin 
gnathaich gu dichiollach uile mheadhonan nan 
gras chumdo chreideamh a neartachadh. 

A nis a leughadair, ciod an co-dhunadh gus 
am b-ion dhuit teachd? Direach so — mar 
pheacach caillte, gu 'bheil thu gu bhi creid- 
sinn annsan a bhasaich air a chrann-cheusaidh 
chum slainte chosnadh do 'n t-saoghal. Cion- 
nus is urrainn dhuit fois inntinn a bhi agad car 
uaire, am feadh 's tha thu 'n teagamh mo 
shlainte t-anama. Cionnus a luidheas tu sios 
gu fois codail, am feadh nach eil aobhar agad 
a bhi creidsinn, gu 'bheil clo pheacanna air 
am maitheadh/ agus sith agad ri Dia? Cia 
fhada leanas tu air foisneachadh na d' dheana- 



31 



das fein, gun 'bhi creidsinn ann an Criosd ? 
j Cha dean so 'n gnothaich. Gus an creid thu 3 
cha 'n urrainn sith 'bhi agad, ach sith fheall- 
saich, an staid inntinn 's cunnartaiche a ta ann. 
Ach sibhse "tha ri saothair agus fo' throm 
uallaich," an so tha deagh sgeul dhuibh, " an 
ti a chreideas tearnar e." Cha 'n eil ach ceum 
eadar thu agus beatha — is e an ceum sin crei- 
deamh, ceum a dh-fhaodas tu 'ghabhail air 
ball oir tha an Spiorad naomh a sineadh a 
mach a lamh chum do dheanamh comasacli. 
Oh mata na cuir dail anns a chuis ni 's faide ; 
am feadh a ta thusa stad, tha uine ruith gu 
dlù, tha an t-siorruidheachd a tighinn, tha àm 
bàs a togail a ghàth chum do bhualadh sios ; 
agus mu ni e so mu'n creid thu, bithidh tu 
caillte gù siorruidh. An sin bithidh e tuilleadh 
's anmoch, oir ged bhiodh gne chreideamh 
agad an ifrinn, cha shaor e thu, oir cha 'n fhearr 
e na creideamh nan diabhoil, a ta creidsinn 
agus a crithneachadh. Co 's urrainn bròn an 
anam chaillte innseadh, dol thairis air a chrich, 
eadar uine agus bithbhuantachd, 'n uair a 



32 



chluineas e guth an Ard Bhreitheamh ag radh, 
"tha e tuilleadh 's anmoch" — agus a fheumas 
an t-anam caillte fein mar an ceudna aid- 
eachadh an cruaidh-spairn eu-dochais, — mo 
thruaighe thà e nis tuilleadh agus anmoch ! 
Ach cha 'n eil e fathast tuilleadh agus anmoch 
— " Creid agus tearnar thu." 

Mu leughair an leabhran-sa le aon do pho- 
bul an Tighearna a ta lag na inntinn, agus a ta 
cuir sios nithe searbha na aghaidh fein, thoi- 
readh e fainear saor shaibhreas an t-soisgeul 
agus mar a ta Pol agus Peadar 'teagasg comh- 
fhurtachd fhaotainn le "bhi 'g amharc air Iosa 
ceannard agus fear criochnaich ar creideamh." 
Eabh xi. 2. " A nis gun lionadh Dia an doch- 
ais sibhse do 'n uile aoibhneas agus shith ann 
an creidsinn chum gu 'm bi sibh pailt ann an 
dochas tre chumhachd an Spioraid Naoimh." 
Romh. xv. 13. Agus ged nach 'eil sibh a nis 
gafhaicinn, (Iosa Criosd) air dhuibh bhi creid- 
sinn ann, tha sibh a deanamh mor ghairdeach- 
ais le h-aoiblmeas air dol thar labhairt, agus 
]an do ghloir, a faotainn chriche. bhur crei- 



33 

deamh, eadhon slainte bhur n-anama. 1 Phead. 
i. 8, 9. 

MO PHEACAIDH LEAG AIR IOSA. 

1. Mo pheacaidh 'leag air Iosa, 
Air uan neo-lochdach Dhe. 
Bheir esan uile dhiòm iad, 

'S gach mallachd tha nan deigh. 
Mo chionta bheir gu Iosa, 
A chum gu 'gl'an e mì ; 
• Geal na f huil ro phriseil, 

Nach f hag aon smal na deigh. 

2. M' uil' easbhuidh bheir gu Iosa, 
Gach lànachd ann tha tàmh. 
Oir m' euslaintean se leigheiseas, 

ii 'Sa shaoras mi o'n bhàs. 

n Mo bhròin 'leag mi air Iosa, 

Gach eallach riamh 's gach cràdh. 
jj ; Uath bheir e saorsa shiorruidh, \ 

j 'S do 'm mhùlad gabhaidh pairt. 

3. Tha mi 'g earbs' ri Iosa, 
M' anam cianail sgìth. 

A lamh dheas tha mu'm thimchioll, 
Air uchd-san luidhidh mì 



34 



Is toigh leam ainmean Iosa, 
Immanuel, Criosd, an Righ, 
Mar spiosraidh tighinn o'n iar oirnn, 
Tha iad ro chubhraidh dhùinn. 

. 'S miann leam bhi mar Iosa, 
Iriosal ciatach ciùin. 
Bu mhiann leam bhi mar Iosa, 
'S e aon ghin mhic mo rùn. 
Bu mhiann bhi mar ri Iosa, 
À seinn gu siorruidh chliu • 
Mar ri naoimh is aingle, 
A seinn an orain ùir.